Jump to start of page content
Scottish Arts Council - Link to home page

 
advanced search

Please Note:

As from 1 July 2010, this site will no longer be updated and will be retained for Archive purposes only.

For the latest information on the Arts, Creative Industries and Film & TV in Scotland please visit:

www.creativescotland.com
Home*Arts in Scotland*Gaelic
Home
About us
Contact us
Latest news
Arts in Scotland
International
Showcase
What's on
16 24 explore
Professional
Information
Jobs
Funding
Web help
Site map

Gàidhlig

(Go to English translation)

Tha Gàidhlig mar phàirt bheò chudromach de dhualchas chultarach fharsaing na h-Alba. Ann an cunntas-sluaigh 2001, nochd timcheall air 1.9% de dhaoine ann an Alba thairis air dà bhliadhna dh’ aois gu robh iad comasach air Gàidhlig a labhairt, a leughadh, a sgrìobhadh agus a thuigsinn.

Gu h-eachdraidheil, tha e air a bhith duilich do Ghàidheil an cànan a chumail suas, gu h-àraid a chionn ‘s gu robh clann sgoile air an oideachadh tron Bheurla. Tha cùisean a-nis air atharrachadh agus tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic gnìomhach ris an dà chuid, foghlam tro mheadhan na Gàìdhlig agus foghlam tro mheadhan na Beurla. Tha an às-imrich a rinn na Gàidheil, gu h-àraid tron  naoidheamh linn deug, a’ ciallachadh gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig rim faighinn ann an ceàrnaidhean eile den t-saoghal m.e. Canada.

Coltach ri coimhearsnachdan cànain eile tha na Gàidheil air dòighean sònraichte a leasachadh a thaobh modh-labhairt chruthachail. Tha seinn shailm mheatrach, ceòl puirt-a-beul, dannsa-ceum agus amhrain luadhaidh seann bhreabadairean a’ chlò mhòir am measg nan seudan ann an crùn cultarach na h-Alba.

Tha modhan àrsaidh nam bàird Cheilteach a’ faotainn ath-chruthachadh co-aimsireil ann an obair bhàird Ghàidhlig an latha ‘n-diugh. Tha còmhlain-ciùil ainmeil mar Runrig, Capercaillie, Martyn Bennett, Cliar agus luchd-ciùil eile mar Iseabail NicAsgaill, Ailean Dòmhnallach agus Alyth NicCarmaig air cothrom a thoirt do mhòran dhaoine air taobh a-muigh na Gàidhealtachd (‘s e sin àiteachan far a bheil a’ Ghàidhlig air a bruidhinn, a’ mhòr-chuid anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan) eòlas a chur air ruitheaman agus buadhan a’ chànain agus a’ chiùil Ghàidhlig. 

Ann an iomadach dòigh, tha cliù chultarach Alba ceangailte gu daingeann ris a’ chànan Ghàidhlig. Le bhith a’ maoineachadh ionmhais agus a’ brosnachadh leasachaidh tha Comhairle Ealain na h-Alba airson dèanamh fìor chinnteach gun cum ealain Ghàidhlig an àite aig cridhe beatha chultarach na rìoghachd. Tha sinn cuideachd a’ gabhail ris an dàimh bheòthail chudromach a tha eadar cànan is ealain agus cultar is ionnanachd na dùthaich.

Tha an t-Aonadh Eòrpach air gabhail ris a’ chànan Ghàidhlig fo Àithne Choitcheann nan Còirichean Cànanach, a fhuair ùghdarras oifigeil bho UNESCO anns an Ògmhios 1996. Chaidh Bòrd na Gàidhlig (Alba), am buidheann leasachaidh Gàidhlig, a stèidheachadh ann an 2003 le Riaghaltas na h-Alba gus amas air tèarainteachd fhaighinn dhan Ghàidhlig airson an àm a tha ri teachd.

In Gaelic
*English translation
*Aims
*Development
*Book of the month
*Word of the month
*Projects
*Publications
*News
*Events
*Links
 
See also
* Showcase
* Bòrd na Gàidhlig
 
Artist Palette; Photo Michael Wolchover
Eastgate Arts Centre in Peebles; Photo: Michael Wolchover
Costumes; Photo Alan McAteer
top of page print this page - opens in new window send to a friend  
Awarding funds from The National Lottery

© Scottish Arts Council. All rights reserved. Terms & conditions | Accessibility information